Co-chomhairle air Plana Gàidhlig 2027-2032 - Gàidhlig
Cùl-fhiosrachadh
Tha Comhairle Shruighlea ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarach na h-Alba agus tha a taic leantainneach ri fàs na Gàidhlig air feadh nan coimhearsnachdan againn.
A rèir Cunntas-sluaigh 2022, tha 2.1% de shluagh Comhairle Shruighlea comasach air Gàidhlig a thuigsinn, a leughadh, a sgrìobhadh no a bhruidhinn. Seo àrdachadh bho dhàta a' chunntais-sluaigh mu dheireadh nuair a b’ e 1.5% an àireamh a bh’ ann. Thar nam bliadhnaichean, tha àireamh na cloinne is nan daoine òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air fàs. Tha com-pàirteachasan eadar buidhnean Gàidhlig ionadail agus Comhairle Shruighlea air neartachadh cuideachd, a’ brosnachadh barrachd mothachaidh air Gàidhlig agus a cultar agus aig an aon àm a’ leudachadh taic agus chothroman do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Feumaidh Comhairle Shruighlea, còmhla ris na h-ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile, Plana Gàidhlig a dheasachadh.Feumaidh am Plana ar dealas a chur an cèill a thaobh a bhith a’ gleidheadh, a’ leasachadh agus a’ dìon na Gàidhlig. Tha seo mar phàirt de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a tha ag amas air inbhe na Gàidhlig a dhaingneachadh mar chànan oifigeil ann an Alba aig a bheil spèis cho-ionann ris a’ Bheurla. Tha am plana làithreach againn a’ tighinn gu crìch san Fhaoilleach 2027. Bidh am plana ùr againn a tha sinn a’ moladh an sàs eadar am Faoilleach 2027 agus am Faoilleach 2032.
Bha na h-amasan ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23 air an gabhail a-steach ann am Plana Gàidhlig Comhairle Shruighlea airson 2022-27. Bidh plana ùr Shruighlea a’ leantainn na lèirsinn agus nan amasan a tha air am mìneachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-2028.
Is e lèirsinn Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28:
Leudachadh a ghabhas tomhas san àireimh dhaoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt taic dhan Ghàidhlig.
Coileanar seo tro bhith:
A’ cur ri cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan
A’ cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig ann an Dachaighean
Cur ri cleachdadh agus sgaoileadh na Gàidhlig anns na Gnìomhachasan Cruthachail
A’ cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig ann an Gnìomhachas agus san Eaconamaidh
A’ cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig ann an Ùghdarrasan Poblach
A’ cur ri cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig ann am Foghlam, 0-18
A’ cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig, ionnsachadh às dèidh ìre sgoile is ionnsachadh inbheach
Bidh na h-amasan nàiseanta àrd-ìre seo a’ cumadh nam prìomh raointean leasachaidh airson plana Shruighlea airson 2027-32.
Phases
Survey
Tha daoine air feadh Shruighlea gam brosnachadh gus pàirt a ghabhail ann an co-chomhairle phoblach a chuidicheas le bhith a’ cumadh Plana Gàidhlig Comhairle Shruighlea airson 2027-2032.
Tha an dreachd plana a’ mìneachadh mar a bheir a’ Chomhairle taic dhan Ghàidhlig agus mar a bhrosnaicheas i i thar nan còig bliadhna a tha romhainn, le gnìomhan ann a thaobh choimhearsnachdan, foghlam, teaghlaichean, cultar, gnìomhachas, seirbheisean poblach, agus ionnsachadh fad-bheatha.
Tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de dhualchas, fèin-aithne agus cultar na h-Alba. Sheall dàta bho chunntas-sluaigh 2022 àrdachadh ann an àireamh nan daoine ann an sgìre Shruighlea a tha comasach air Gàidhlig a thuigsinn, a bhruidhinn, a leughadh no a sgrìobhadh, a’ dearbhadh gu bheil ùidh a’ fàs air feadh nan coimhearsnachdan againn.
Tha a’ Chomhairle airson cluinntinn bho na ghabhas de dhaoine gus dèanamh cinnteach gu bheil am plana deireannach a rèir fheumalachdan agus mhiannan ionadail. Beachdaichear gu faiceallach air na freagairtean uile agus cuidichidh iad le bhith a’ cumadh Plana Gàidhlig Comhairle Shruighlea airson 2027-2032.
Ma tha ceist sam bith agaibh mun t-suirbhidh, faodaidh sibh post-d a chur thugainn aig insights@stirling.gov.uk

